FÈIS NAN SGEULACHD
25mh – 28mh dhen Ghiblein 2007
Program an Fheis
Anns an t-Samhainn 2004 chùm Pròiseact nan Sgeulachd Fèis nan Sgeulachd ann an Steòrnabhagh. B’ e fèis fÌor mhath a bha seo, agus chruinnich còrr air dà cheud seòladair a dh’innse an cuid sgeulachdan. Am bliadhna tha Pròiseact nan Sgeulachd a’ cur fèis eile air chois sa Lanntair, agus a-rithist bidh cothrom aig seòladairean agus feadhainn eile an cuid sgeulachdan innse thairis air na làithean seo. Thuilleadh air an seo bidh cuairtean againn mun cuairt a’ Ghearraidh Chruaidh airson sgoiltean gach cuid, madainn agus feasgar, Diardaoin agus Dihaoine. Gach oidhche bidh cèilidhean agus consairt ann le sgeulaichean agus luchd-ciùil à Eirinn, Sealltainn agus Cataibh agus às na h-Eileanan an Iar.
Air an t-seachdain seo cuideachd bidh An Comunn Gaidhealach a’ cumail Seo Seinn, farpaisean airson òrain ùr a’ bhrosnachadh. Bidh an cuirm-ciuil deireannach acasan air Oidhche ‘Haoine ann an Talla a’ Bhaile an Steòrnabhagh agus leis an sin ‘s e seachdain mhòr a tha gu bhith ann gus Gaidhlig a’ bhrosnachadh agus fhoillseachadh anns a’ choimhearsnachd.
Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachadh cuiribh fios thugainn air p-dealain shios an seo.
